Ionad Hiort
Thathas a’ dol a rannsachadh mholaidhean le coimhearsnachdan ann an Innse Gall thairis air an t-samhradh, airson Ionad Hiort, a bhios ag amas air ‘spiorad ionaid’ an aon Làraich Dualchais mheasgaichte an t-Saoghail aig UNESCO a th’ anns an RA a ghlacadh is a chomharrachadh.
Tha Buidheann Obrach Hiort air Jura Consultants, agus Ailtirean Page/Park a chur an sàs, gus rannsachadh a dhèanamh air a’ chomasachd airson ionad inntrigeadh-iomallach a leasachadh airson dualchas nàdarra is cultarach Hiort a chomharrachadh.
Tha a’ Bhuidheann-obrach airson dèanamh cinnteach gum bi gach buidheann aig a bheil ùidh ann an sàs sa cho-chomhairleachadh. Thuirt an Comhairliche, Aonghas MacCarmac, Neach-cathrach na Buidhne-obrach: “Tha mi air leth toilichte gu bheil an sgrùdadh air tòiseachadh. ‘S e prìomh chùis a th’ anns an t-suidheachadh: tha raon de dhiofar chothroman ann a thaobh suidheachaidh, agus tha sinn mar-thà mothachail air grunn choimhearsnachdan no goireasan stèidhte aig a bheil ùidh ann. Tha na co-chomhairlichean air dòigh-obrachaidh soilleir, òrdaichte is cothromach a shuidheachadh airson molaidhean a chur a-steach mun àite as fheàrr, agus bidh iad a’ gabhail na h-obrach seo os làimh rè an t-samhraidh.”
Gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig na h-uile am beachdan a chur an cèill mu suidheachadh an ionaid, no air molaidhean a dhèanamh airson Ionad Hiort, thathas a’ suidheachadh fòram beachdachaidh aig www.stkilda.eu Faodaidh neach sam bith le ùidh ann a bhith a’ gabhail pàirt sa cho-chomhairleachadh fios cuideachd a chur gu colin@jura-consultants.co.uk