Latha Hiort
Bidh Latha Hiort a' comharrachadh falmhachadh deireannach Hiort san Lùnastal 1930. Bheir e cunntas air beatha is dìleab nan Hiortach tro cheòl, fhacal is ìomhaigh agus togaidh e air soirbheachadh eadar-nàiseanta Opara 2007 Hiort airson sgeulachd nan Hiortach a lorg agus a thoirt dhachaigh .
Tha Pròiseact nan Ealan an dùil luchd-ealain, coimhearsnachdan is daoine fa leth air feadh Alba agus an t-saoghail a chur an sàs ann an sreath thachartasan a bhios a' comharrachadh nan Hiortach agus an dòigh-beatha a th' air a dhol à sealladh. Thathas a' cur crìoch air a' program thachartasan an-dràsta agus roinnidh sinn am fiosrachadh seo leibh a dh'aithghearr.