Air an 29mh là den Lùnastal 2009 thèid a' chiad Là Hiort a chumail gus aon dha na h-àiteachan as mìorbhaileach air an t-saoghal aithneachadh.
Tha Hiort na laighe 65 cilemeatair chun iar air Innse Gall, Alba. 'S ann a thànaig na h-eileanan gu bi an dèidh dha bholcàno spreidheadh 50 millean bliadhna air ais agus tha na creagan a chaidh am fàgail nas àrda no na toglaichean as motha ann an New York. Bha muinntir a' fuireach air na h-eileanan fad 3000 gus an deach fhalmhachadh ann an 1930, chan eil ann a-nis ach na milleanan de dh'eòin a thig beò oirre. 'S iad na h-eileanan an aon arainn anns an Rìoghachd Aonaichte a tha air dà theisteanas fhaighinn a UNESCO a' sonrachadh an inbhe aca mar làrach aig a bheil Dualchas na Cruinne. Thèid prògram de thachartasan an cumail air feadh Alba gus ceann-là na falamhachaidh den na Hiortaich mu dheireadh a chomharrachadh. Tha Là Hiort na shubhachas air na h-eileanan agus na daoine a thànaig beò orra, thèid am beatha agus an dìleab a' riochdachadh le cèol agus òrain, litreachas, briathrachas, sgeulachdan agus fiolm.