Hiort aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann
‘S e Opara Hiort aon de na prìomh nithean a bhios aig Fèis Eadar-nàiseanta 2009 Dhùn Èideann. Chaidh innse a-raoir, aig foillseachadh Prògram na Fèise, gun tèid an dreach Bheilgeach den opara a thaisbeanadh airson a’ chiad uair ann an Alba, ann an Gàidhlig is Fraingis, ann an Taigh-cluiche Fèis Dhùn Èideann air 15, 16 agus 17 Lùnastal.
Chaidh an co-thaisbeanadh Beilgeach/Albannach duaiseil seo - L’île des Hommes-Oiseaux – a shealltainn an toiseach ann an 2007 mar aon de na còig taisbeanaidhean a chaidh fhoillseachadh aig an aon àm anns an Fhraing, a’ Ghearmailt, an Ostaire agus ann an Alba a thuilleadh air sa Bheilg agus anns an robh ceangalan beò ri Hiort. B’ e Pròiseact nan Ealan a bha os cionn na pròiseict agus fhuair i duais Scottish Event of the Year. Thuirt Ministear a’ Chultair, Mìcheal Russell: “ Tha mi gu math toilichte Hiort: Opara Eòrpach fhaicinn air a’ phrògram airson Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann na bliadhna-sa. Bha a’ chiad fhoillseachadh den Opara na choileanadh soirbheachail, a’ cur Gàidhlig aig meadhan stèidse ann an còig dùthchannan. A-nise thèid pàirt na Beilge den phròiseict fhaicinn ann am prìomh bhaile na h-Alba aig aon de phrìomh fhèisean ealain an t-saoghail. “Tha a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de ar beatha is ar dualchas nàiseanta agus gu dearbh de ar soirbheachadh mar dhùthaich. Tha i na pàirt de chultar na h-Eòrpa cuideachd. Mar sin tha e deatamach gum bi pàirt aig a’ Ghàidhlig ann an cùisean àbhaisteach agus tha a gabhail a-steach air prìomh phrògram Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann na dhearbhadh làidir de chudromachd na Gàidhlig dhuinn uile ann an Alba. ‘S i a’ Ghàidhlig am meadhan as fheàrr a dh’innseas sgeulachd shònraichte Eilein Hiort agus a daoine agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith an làthair nuair a thèid an taisbeanadh air an àrd-ùrlar.”