Hiort: Opara Eòrpach a’ tilleadh chun àrd ùrlair
18 mìosan an dèidh dha Hiort: Opara Eòrpach a bhith air a thaisbeanadh beò air feadh na Roinn Eòrpa, tha a’ phròiseact air ais air an rathad. Tha an taisbeanadh Beilgeach, a chaidh ath-bheothachadh is a thaisbeanadh o chionn ghoirid ann am Mons (A’ Bheilg), deiseil airson luchd-èisteachd a chur air bhoil ann an Grenoble (An Fhraing) nas fhaide air adhart san t-seachdain.
B’ e prìomh Phròiseact ealain fo stiùireadh Pròiseact nan Ealan a bh’ ann an Hiort: Opara Eòrpach. Chaidh an co-thaisbeanadh eadar-nàiseanta fhoillseachadh an toiseach air 22 agus 23 Ògmhios 2007 ann an còig ionadan Eòrpach aig an aon àm: An Fhraing (Valenciennes); A’ Bheilg (Mons); A’ Ghearmailt (Düsseldorf); An Ostair (Hallstatt) agus Alba (Steòrnabhagh), ceangailte le ceangal beò saideil ri Hiort agus air webcast beò air a’ BhBC.
On uair sin, tha a’ phròiseact air duais Best Traditional Event a bhuannachadh aig Scottish Events Awards, agus chaidh an taisbeanadh Albannach, (Mac Talla nan Eun) a shealltainn air a’ BhBC. A-nise tha an taisbeanadh Beilgeach (L' Île des Hommes-Oiseaux)air ais air an àrd-ùrlar.
Bha an taisbeanadh Beilgeach stèidhte air an aon co-sgriobt, sgrìob, libretto agus seallaidhean ro-fhilmichte ri na taisbeanaidhean eile ach tha e a’ foillseachadh a mhìneachaidh shònraichte fhèin de gach aon dhiubh sin. Chaidh a stiùireadh le Thierry Poquet agus tha an seinneadair is a’ bhana-chleasaiche Ghàidhlig, Alyth NicCarmaig a’ gabhail pàirt ann.
Thuirt Alyth "Tha mi air leth toilichte a bhith air ais ag obair air Opara Hiort a-rithist. ‘S e briseadh dùil a th’ ann uaireannan dha luchd-ealain nuair nach fhaigh iad cothrom tadhal air obair ùr a-rithist an dèidh dhaibh uimhir de dh’obair chruaidh a chur a-steach dhan ullachadh aige. Mar sin, bha mi fìor thoilichte nuair a thuirt an sgioba ann am Mons gun robh iad airson an Opara fhoillseachadh a-rithist oir chòrd e gu mòr rium a bhith nam phàirt dheth a’ chiad uair agus ‘s e obair chumhachdach a th’ ann a tha airidh air fhaicinn le barrachd dhaoine. Tha fhoillseachadh a-rithist ann am Mons gu àireamh mhòr de luchd-amhairc a’ ciallachadh gu bheil comas aig an taisbeanadh siubhal agus mar sin gu bheil soirbheachadh air thoiseach air. Chan eil cànan na bhacadh sam bith; ’s e cridhe na sgeulachd agus neart an taisbeanaidh aig a bheil buaidh.