Hiort: Hiort aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann
Hiort : Bidh L’île des Hommes-Oiseaux air àrd-ùrlar air 15, 16 agus 17 Lùnastal aig Taigh-cluich Fèis Dhùn Èideann, mar thaisbeanadh comharraichte de Fhèis Eadar-nàiseanta 2009 Dhùn Èideann.
B’ e an taisbeanach Beilgeach de Opara Hiort aon de na 5 taisbeanaidhean mar-aon a chaidh a shealltainn ann am Meadhan an t-Samhraidh 2007, ann an Alba, san Fhraing, sa Ghearmailt agus san Ostaire agus cuideachd sa Bheilg. Chaidh eileamaid den taisbeanadh a chraoladh beò cuideachd bho Hiort gu na 5 àiteachan. Chaidh an taisbeanadh Beilgeach a chur air àrd-ùrlar a-rithist agus chaidh e air chuairt dhan Fhraing aig deireadh 2008.
Bha an taisbeanadh Beilgeach stèidhte air an aon cho-sgriobt, cho-sgrìob, cho-libretto agus air na seallaidhean ro-fhilmte, ri na taisbeanaidhean eile, ach tha e a’ foillseachadh a mhìneachadh shònraichte fhèin de sgeulachd Hiort. Tha an taisbeanadh air a stiùireadh le Thierry Poquet, air a sgrìobhadh le Iain Fionnlagh MacLeòid agus tha an seinneadair is a’ bhana-chleasaiche Gàidhlig, Alyth NicCarmaig a’ seinn ann. Thuirt Alyth NicCarmaig, a tha air leth toilichte a bhith na lùib na dùthaich fhèin:
"’S e taisbeanadh mìorbhaileach, drùidteach a th’ anns an Opara. ‘S fìor thoigh leam a bhith an sàs ann agus tha e air a bhith fìor mhath ag obair is a’ dol air chuairt le cleachdaichean eadar-nàiseanta dràma – Tha mi cho toilichte gum bi an taisbeanadh Beilgeach mu dheireadh thall air fhoillseachadh ann an Alba ".