op 09

Opara Hiort aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Eideann 2009

‘S e Opara Hiort aon de na prìomh nithean a bhios aig Fèis Eadar-nàiseanta 2009 Dhùn Eideann. Chaidh innse aig foillseachadh Prògram na Fèise, gun tèid an dreach Bheilgeach den opara a thaisbeanadh airson a’ chiad uair ann an Alba, ann an Gàidhlig is Fraingis, ann an Taigh-cluiche Fèis Dhùn Èideann air 15, 16 agus 17 Lùnastal.

Airson barrachd fiosrachadh air tiocaidean, clàr-thachartas agus mar sin air adhart, rachaibh gu làrach-lìn na Fèise