"Bha e iongantach – thànaig cèol, dannsa agus drama còmhla gus tachartas nach tèid as ar cuimhne a chruthachadh"
Steòrnabhagh
Steòrnabhagh
S e taisbeanadh ciùil-cleasachd nua-mheadhain eadar-nàiseanta, stèidhichte air sgeulachd Hiort a bh’ ann an “Hiort: Opara Eòrpach”. Air 22 Ògmhios agus 23 Ògmhios 2007, chaidh còig taisbeanaidhean co-amail a chur air stèids san Ostair, sa Bheilg, san Fhraing, sa Ghearmailt agus ann an Alba, le co-bhanntachd tar-nàiseanta de chòig com-pàirtearan Eòrpach. Bha ceanglaichean beò saideil eadar na còig làraich agus Hiort, a’ toirt cothrom boillsgidhean breisleachail fhaighinn de chultar Gàidhlig caillte nan eilean àlainn sin, a bha air fhilleadh a-steach dhan co-thaisbeanadh bheòthaile, cho-aimsireil chruthachail seo.
Bha an aon scriobt, sgrìob, libretto agus stuthan filme ro-chlàraichte aig na còig co-thaisbeanaidhean. Bha eileamaidean den dràma a chaidh a dhèanamh air Hiort, stuthan tasglainn is dannsairean-adharail iongantach air creagan Hiort san tilgeil fhilm.
Bha ceanglaichean beò air saideil eadar Hiort is gach àite eile boillsgeadh peanaisteach de na h-eileanan iongantach seo agus bha sin fhilleadh a-steach dhan cho-obrachadh bheòthaile, cho-aimsireil, chruthachail seo.
‘S e Iain Fhionnlaigh MhacLeòid a sgrìobh an comharrachadh eadar-nàiseanta seo de Hiort agus tha e stèidhichte air beachd is bun-smuain air an do rinn Lew Bogdan leasachadh. ‘S e Jean Paul Dessy agus David Graham na sgrìobhaichean-ciùil. Tha e air a stiùireadh le Pròiseact Nan Ealan (PNE), Buidheann Ealain Ghàidhlig na h-Alba, a tha a’ gabhail uallach iomlan airson na Pròiseict agus airson feartan Albannach an taisbeanaidh. ‘S na h-Àrd Riochdairean, Calum MacGillEain, Stiùiriche PNE, agus Lew Bogdan, Stiùiriche Le Phenix ann am Valenciennes, san Fhraing,
a bha air uallach airson feartan Eòrpach an taisbeanaidh. Bha an taisbeanadh a thathas a’ deilbh a’ gabhail a-steach làrach-lìn, pasgan foghlaim, DVD, obair telebhisein is làraich air Ionad Hiort a bhios stèidhichte ann an Innse Gall. Tha buaidh iongantach aig Hiort òirnn, aig iomadh ìre.
Chùm na Hiortaich suas sòisealtas de shealg-thrusadh airson 3,000 bliadhna, gu ùine mhath a-steach dhan 20mh linn. Tha sgeulachd am beatha na cuimhneachan air mar a bha sinn beò aig aon àm, agus tha i a’ toirt faireachdainn dhuinn air mar a tha e buntanas a bhith againn ri coimhearsnachd fhreumhaichte a chaidh a stèidheachadh o chionn fhada.
Bha e cuideachd na chuimhneachan rag air so-ghointeachd sluaigh dhùthchasaich is chultaran mu choinneimh an t-saoghail nuaidh ghnìomhachais. Bha a’ chothromachd mheata eadar an duine is nàdar furasta a call agus dha na Hiortaich bha an call seo a’ ciallachadh fàgail agus cuir às de dhòigh-beatha a bha anabarrach. Tha gach mùchadh den t-seòrsa sin a’ lùghdachadh ar co-dhaonnachd agus a’ buntainn ri co-bhann.
Tha cudromachd ùr aig beatha is bàs Hiort san 21mh linn. Tha e ag ath-ghairm sa cho-chuimhne Eòrpach mar sgeulachd choitcheann de dhualchas is nuadhachd, de dhomhantachd is imrich agus lùghdachadh ann an iomadachd chultarach.