boraraigh

An Dìleab Tha an dìleab a tha san amharc a' gabhail a-staigh làrach-lìn, bileagan foghlam, stuthan telebhisean, DVD agus Ionad ur anns na h-Eileanan an Iar. Tha Eileanan Hiort air an ceangal gu làidir rinn aig iomadach ire. Mhair beatha sheasmhachd air Hiort airson 3,000 bliadhna, fada a-staigh don 20mh linn. Tha an sgeulachd na chuimhneachan air mar a thànaig sinn beò gu h-eachdraidheil agus e a' tabhann dhuinn sealladh air cò-coltach a bha e a bhith nad bhuill de choimhearsnachd a tha cho stèidhichte ann an eachdraidh. Tha e cuideachd na chuimhneachan air cho cugallach agus a tha dòigh beatha sluaigh agus cultar thùsanach nuair a thèid aca coinneachadh le ath-nuadhachadh ann an dòighean an t-saoghal. Tha an cothrom eadar sluaigh agus nàdar furasta a chall, agus dha muinntir Hiort, nuair a thànaig dochainn air an cothrom sa, thànaig crìoch air an dòigh beatha sònraichte a lean iad. Thèid crìonadh air dòigh beatha, a leithid an crìonadh a thànaig air Hiort gu ruige sgleò a chur air inntinn gach neach a chluinneas mu dheidhinn. Tha beatha agus bàs Hiort le cudrom ur san 21mh linn. Le feartan a leithid traidisean agus cruinneachas, imrich agus crìonadh ann an sgapadh chultaran rin lorg air feadh na cruinne.