‘S iad amasan ealain drochaide na Pròiseict beatha is dìleab muinntir Hiort a chomharrachadh tro cheòl co-aimsireil Eòrpach agus meadhanan ùra agus àrd-ùrlar a chruthachadh dha cultar na Gàidhlig air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta. Bha a’ Bhun Shusbaint Chruthachail a bha air fhaighinn anns gach àite a bha a’ com-pàirteachadh, a’ gabhail a-steach:
• Scriobt is teamplaid coileanaidh.
• Libretto.
• Sgòr Cheòlmhor le ceòl barantaichte traidiseanta is ceòl co-aimsireil ùr.
• Seinneadair Gàidhlig aig gach àite.
• Film 90 mionaid ro-chlàraichte agus scrion mhòr.
• Ceangal saideil beò gu Hiort air feasgaran 22 is 23 Ògmhios 2007, a bharrachd air an dà fheasgar roimhe sin.
• Làrach-lìn eadar-obrachail Hiort.