Stuthan Ioma-Mheadhanach
Aig a h-uile ire tro chùrsa riochdachaidh Hiort, bhon dealbhachadh aig an toiseach gu ruige na taisbeanaidhean phoblach, tha tomad de stuthan ioma-mheadhanach air tighinn am follais. Tha meanbh chruinneachadh de na dealbhan, fuaimean agus bhideo a chaidh an cruinneachadh, dhan taisbeanadh air na duilleagan a leanas. Nam measg tha na dealbhan a chaidh an togail thairis bliadhna air na h-eileanan, na seann dhealbhan a bha ann an tasglann o cheana a nì innse air seann dhòigh beatha air Hiort, an dannsa a chaidh a dhèanamh air a chreig agus am Podcast le Leon MacDiarmaid.