Dualchas Cultarach
Chruthaich na Hiortaich dòigh-beatha a chùm beò iad airson linntean. Bha iad ag obrachadh na talmhainn, a’ toirt toradh às a’ chuan agus a’ tanachadh choloinidhean mhòra de dh’eòin-mara bho na creagan àrdaichte airson biadh is connadh, aodach is solas. Sreapadairean ainmeil comasach, bha iad fada na bu chofhurtaile air na creagan dìreach na air a’ mhuir chòmhnard. Bha cothromachd mheata am beatha eadar-thoinnte gu h-iomlan le beatha nan eun a bha iad a’ sealg. Cha robh facail sa bhriathrachas aca airson àite-dìon, cogadh, sgrìobhadh, sgàthanan no airgead gu anmoch san latha. Mu meadhan na 19mh linne ge-tà, bha na ceanglaichean meudachail a bha iad air a dhèanamh ris an t-saoghal mhòr air troimhe-chèile a thoirt a-steach do cho-chòrdadh nan seann ruitheaman thraidiseanta agus dh ‘fhàg na beatha eileanach na bu doirbhe. Dh’fhàg an fheadhainn mu dheireadh de na fìor Hiortaich ann an 1930 ach tha call an dòigh-beatha shònraichte a bh’ aca fhathast a’ dùsgadh tiamhaidheachd ann am mòran Eòrpach san latha an-diugh. Tha sgeulachd Hiort, agus an dachaigh iongantach, eileanach fhathast nan iongantasan dha daoine air feadh an t-saoghail.