sea plant

Dualchas Nàdair

Bha a’ Phròiseact cuideachd air a brosnachadh leis an àite fhèin. Tha Hiort na laighe sa Chuan Shiar, 100 mìle bho tìr-mòr na h-Alba agus siar air Innse Gall. ’S e fìor bhuidheann àlainn de dh’eileanan a th’ ann agus tha e na dhachaigh de dh’ealta mhòr de na h-eòin-mara a chùm na Hiortaich beò bho àm Linn an Umha. Chaidh na h-eileanan iomallach, iongantach sin an cruthachadh bho spreadhadh bholcànach o chionn còrr air 50 millean bliadhna nuair a chaidh na creagan tro gneiss Leòdhasach- a’ chreig as aosta san t-saoghal – air an turas chun adhair. Aig 1,394 troighean (425 meatairean) os cionn na mara, tha creagan Chonachair a’ seasamh nas àirde na togalach Stàite na h-Ìmpireachd agus Tùr Eiffel. Aig a’ cheart àm, ‘s i Stac An Armin, ri taobh, an stac-mhara as àirde a th’ anns an RA. Tha àrainneachdan talmhainn is mara Hiort nan dachaigh don choilinidh eòin-mara as cudromaiche ann an taobh siar na Roinn Eòrpa. Tha còrr air millean eun a’ tighinn gu na h-eileanan as t-samhradh, a’ gabhail a-steach 228 ghnèithean imrich agus cairteal de bhuthaidean neadachaidh Bhreatainn (còrr air 40,000 paidhir).