cliffs

St Kilda known to the Gaels as Hiort and to navigators in ancient times as ‘the islands at the edge of the world’

Cumhachd Nàdair

“ Chan eil mòran a tha air cuairt a ghabhail a Hiort, agus air seasamh sa bhaile am measg glaodh mhìltean de dh’eòin-mara, nach bi air an gluasad leis an àite agus an sgeòil. Tha a’ bhuidheann bheag eileanan seo an Innse Gall mar àite gu tur eadar-dhealaichte, mar àite air leth. Tha mòran a’ faicinn nan eilean air oir an t-saoghail seach gu bheil iad cho iomallach is cho doirbh an ruighinn.

Fhad ‘s a tha na creagan cas agus a’ mhuir fhiadhaich mu na h-eileanan a’ toirt beachd air cumhachd nàdair, nuair a chì luchd-tadhail na th’ air fhàgail de an cuid thogalaichean, chan urrainn dhaibh gun urram is meas a bhith aca airson nan ginealach a dh’fhalbh.

Tha Hiort na eisimpleir de chomainn iomallach air feadh an t-saoghail. Tha spiorad mìorbhaileach an àite a’ tighinn bhon chomharradh a chaidh fhàgail nuair a thàinig dòigh-beatha nan Hiortach gu crìch, sa mhòr-chuid ri linn cuideaman bhon taobh a-muigh. Tha an dà phuing – misneachd nan daoine ann an tìr neo-thruacanta agus dòighean-beatha traidiseanta – le chèile, lag an aghaidh atharrachaidhean sòisealta agus eaconamach – a’ toirt cumhachd shònraichte agus beachd shaoghalta dhan àite.”